
C貌mhla ri Mgr Earraig bho Eaglais Naomh Anndra, Eilean Bhoid
Seirbheis ron Nollaig c貌mhla ri Mgr Earraig, Eaglais Naomh Anndra, Eilean Bhoid. Fr Jaros艂aw Kwiecie艅, St Andrew's Rothesay with a service in preparation for Christmas.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
C貌isir Eaglais Naomh Barr a鈥 seinn Nach Tig thu Naomh Messiah
Ruairidh MacIllFhinnein a鈥 seinn A R矛gh nan Ainglean
A鈥 seinn Ann am Baile R矛oghail Dhaibhidh bha Anna Nic na Ceardaich
P貌l MacCaluim a鈥 seinn Adeste Fideles
Leanabh an 脌igh air a' sheinn le Joanne Mhoireach
C貌isir Eaglais Naomh Chaluim Chille a鈥 seinn Ainglean Chuala sinn gu h-脌rd
Leughadh: Lucas 2: 22-24
'S ann 脿 baile Koszalin air a鈥 chosta Bhaltaigeach ann an ceann a tuath na P貌lainne, a tha Mgr Earraig. Tha e air a bhith na shagart c貌rr air fichead bliadhna. Bha e an toiseach ann am paraiste m貌r san sg矛r-easbaig aige agus 脿s d猫idh d脿 bhliadhna chaidh a chur dhan R貌imh. Bha e an sin airson seachd bliadhna agus thug e a-mach ceum PhD ann am patristics (athraichean na h-Eaglaise, eachdraidh is diadhachd na h-Eaglaise sna ciad linntean). Nuair a th矛ll e dhan Ph貌lainn c貌rr is deich bliadhna air ais, th貌isich e aig obair anns a鈥 cholaiste far am bithear a鈥 tr猫anadh oileanaich a tha ag ullachadh airson a bhith nan sagairtean. Bha e cuideachd a鈥 teagasg patristics agus Laideann ann agus mu dheireadh bha e na cheannard air a' Cholaiste.
A thaobh a' cheangal a th鈥 aig Mgr Earraig ris a鈥 Gh脿idhlig, mar a thuirt e fh猫in,鈥 鈥楽 e sgeul gaoil a tha sin.鈥
Nuair a bha e anns an R貌imh dh鈥檉huirich e ann an Colaiste nan Albannach agus bhon a鈥 chiad bhliadhna a bha e an sin, th貌isich e air tighinn a dh鈥橝lba gus cobhair a thoirt do shagairtean ann an diofar pharaistean. Bha Alba a鈥 c貌rdadh ris gu m貌r agus thadhail e air t貌rr 脿iteachan ann an Alba agus rinn e t貌rr charaidean. Beagan bhliadhnaichean air ais, mar a thuirt e, 鈥渓脿ndaig mi anns na h-eileanan agus thachair mi ris a鈥 Gh脿idhlig.鈥
Dh'ionnsaich e an c脿nan tro ch霉rsaichean aig Sabhal M貌r Ostaig, ann am Fl貌daigearraidh agus air-loidhne. Bha miann aige a thighinn a dh'fhuireach a dh'Alba agus an-uiridh th脿inig Mgr Earraig gu Sg矛r' Easbaig Earra-Ghaidheal 's nan Eilean na shagart. Bha e an toiseach na shagart-cuideachaidh ann an Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san 脪ban ach, na bu tr脿ithe am-bliadhna, 脿s d猫idh b脿s Mhgr Ruairidh MhicIain, chaidh Mgr Earraig a dh'Eilean Bh貌id na shagart-paraiste ann an Eaglais Naomh Anndra.
Last on
Broadcasts
- Sun 22 Dec 2024 09:00成人快手 Radio nan G脿idheal
- Sun 22 Dec 2024 15:00成人快手 Radio nan G脿idheal