Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1339
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1339. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 16 Mar 2025
13:55
³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1035
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1339
Duration: 05:00
Litir 1339: Am Fear Liath Mòr (1)
Ann an Litir 8 – a sgrìobh mi cha mhòr sia bliadhna fichead air ais – bha mi ag innse dhuibh mun t-sreapadair Tormod Collie. Bha Collie gu math measail air a’ Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach. B’ e cuspair na Litreach taibhs anns a’ Mhonadh Ruadh air a bheil mar ainm ‘Am Fear Liath Mòr’.
Tha mi a’ tilleadh don chuspair sin anns an Litir seo air dà adhbhar. Anns a’ chiad dol a-mach, ’s ann o chionn ceud bliadhna a dh’fhoillsich Collie a bheachd, co-dhiù ann am Breatainn, gun robh taibhs a’ fuireach faisg air mullach Beinne MhicDuibh. Bha sin aig coinneamh de Chlub a’ Mhonaidh Ruaidh ann an Obar Dheathain ann an naoi ceud deug is còig air fhichead (1925).
’S e an t-adhbhar eile gu bheil mi air tilleadh don chuspair gun do bhris mi gealladh. Feumaidh mi aideachadh – le beagan nà ire – gun do gheall mi dhuibh – no do luchd-èisteachd nan Litrichean aig an à m sin – gun innsinn dhaibh cò an taibhs a bh’ ann, co-dhiù ann am beachd muinntir an à ite. Tha mi air a bhith a’ coimhead tro thasglann nan Litrichean, feuch faighinn a-mach an do choilean mi an gealltanas sin. Tha e a’ coimhead coltach nach do choilean. Obh obh. Mo leisgeul airson sin. Cuiridh mi sin ceart an-ceartuair!
Ach an toiseach, thèid sinn air ais ceud bliadhna. Dh’inns Tormod Collie – a bha na Phroifeasair de Cheimigeachd Orgà nach ann an Oilthigh Lunnainn – aig coinneamh de Chlub a’ Mhonaidh Ruaidh – gun robh e air eagal a bheatha a ghabhail trithead ’s a còig bliadhna roimhe. Bha e leis fhèin, a’ coiseachd thar mullach Beinne MhicDuibh – a’ bheinn as à irde sa Mhonadh Ruadh.
Chuala Collie fuaim annasach. Bha i ceòthach agus chan fhac’ e dad. Airson gach trì no ceithir ceumannan a ghabhadh esan, bhiodh aona bhrag mhòr ann air a chùlaibh, mar gu robh cas mhòr mhòr a’ bualadh na talmhainn. Bha Collie a’ smaoineachadh gur e famhair a bh’ ann. Mu dheireadh, ghabh e eagal cho mòr ’s gun do ruith e sìos a’ bheinn airson ceithir no còig mìle gun stad gus an do rà inig e a’ choille.
Cha b’ e sin a’ chiad turas, ge-tà , a dh’inns Collie mu na thachair dha an latha sin. Bliadhnaichean roimhe, bha e ann an Sealann Nuadh. Dh’inns e do shreapadairean anns an dùthaich sin mun taibhs a dh’fhairich e air Beinn MacDuibh. Chuala an sreapadair is neach-saidheans, Alasdair Kellas, mu dheidhinn sin, agus sgrìobh e gu Collie mun taibhs.Â
Rugadh Kellas ann an Obar Dheathain agus, mar shreapadair, feumaidh gun robh e eòlach air a’ Mhonadh Ruadh. Bha e gu math aithnichte air feadh an t-saoghail airson an rannsachaidh a rinn e air comasan daoine a bhith a’ sreap, gun ogsaidean a bharrachd, gu mullaichean nam beann as à irde anns an t-saoghal. Bha e dhen bheachd gum biodh daoine comasach dhol gu mullach Beinn Everest às aonais ogsaidean a bharrachd. Chaidh a dhearbhadh gun robh e ceart ann an naoi ceud deug, seachdad ’s a h-ochd (1978) nuair a rinn Reinhold Messner agus Peter Habeler a’ chùis. Co-dhiù, sgrìobh Kellas gu Collie gun robh e fhèin air am Fear Liath Mòr fhaicinn.
Agus tha barrachd dhaoine na sin air aithris gun do dh’fhairich iad am Fear Liath Mòr. Bheir sinn sùil air feadhainn aca an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: taibhs: ghost, spectre, apparition; Club a’ Mhonaidh Ruaidh: The Cairngorm Club; Obar Dheathain: Aberdeen; tasglann: archive; Obh obh: Oh dear; Ceimigeachd Orgà nach: Organic Chemistry; Sealann Nuadh: New Zealand; sreapadairean: climbers.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: ag innse dhuibh mun t-sreapadair Tormod Collie: telling you about the climber Norman Collie; measail air a’ Chuiltheann: keen on the Cuillin(s); a’ tilleadh don chuspair air dà adhbhar: returning to the subject for two reasons; anns a’ chiad dol a-mach: in the first instance; ’s ann o chionn ceud bliadhna a dh’fhoillsich X: it’s a hundred years since X revealed; faisg air mullach Beinne MhicDuibh: near the summit of Beinn MacDuibh (Ben MacDui); luchd-èisteachd nan Litrichean aig an à m sin: the listeners to [of] the Litrichean at that time; feuch faighinn a-mach an do choilean mi an gealltanas: to try and find out if I fulfilled the promise; mo leisgeul airson sin: my apology for that; cuiridh mi sin ceart an-ceartuair: I’ll rectify that presently; chan fhac’ e dad: he saw nothing; airson gach trì no ceithir ceumannan a ghabhadh esan: for every three or four steps he would take; bhiodh aona bhrag mhòr ann air a chùlaibh: there would be one great sharp sound behind him; mar gu robh cas mhòr mhòr a’ bualadh na talmhainn: as if an enormous foot were hitting the ground; ghabh e eagal cho mòr ’s gun do ruith e airson ceithir no còig mìle gun stad: he was so overcome with fear that he ran for four or five miles without stopping; gus an do rà inig e a’ choille: until he reached the forest; comasan daoine a bhith a’ sreap, gun ogsaidean a bharrachd: the abilities of people to climb without additional oxygen; chaidh a dhearbhadh gun robh e ceart: it was proven that he was correct; tha barrachd dhaoine na sin air aithris gun do dh’fhairich iad X: more people than that have reported sensing (feeling) X.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Am Fear Liath Mòr: The Great (or Big) Grey Man. This is how the Gaelic-speakers of the Monadh Ruadh referred to the spectre, according to those who recorded the phenomenon. It’s a slightly unusual word-order, as one might expect Am Fear Mòr Liath, with the colour descriptor in a terminal position as in Am Bodach Beag Dubh or An Cù Mòr Ruadh. But the Beinn MacDuibh phenomen was recorded as ‘Ferla Mòr’ and even Am Fear Glas Mòr.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: a sgrìobh mi cha mhòr sia bliadhna fichead air ais: that I wrote almost 26 years ago.
Broadcast
- Sun 16 Mar 2025 13:55³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.