Main content

Còmhla ris an Urr. Siùsaidh NicDhonnchaidh

Seirbheis còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh bhon Eaglais Bhaisteach. Rev Suzie Roberts, minister with the Baptist Churc,h conducts this week's Gaelic religious service.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:

Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu a’ seinn Moladh Dia
Cliar a’ seinn Salm 108
Màiri NicAonghais a’ seinn Mìorbhail Grais
Seumas Greumach le taic bho Rory MacMhathain a’ seinn Nas Dluithe dhut Fèin, a Dhè
Joy Dunlop, Mairi Anna NicUalraig, Eoghainn MacEanraig agus Fearghas Rothach a’ seinn Mol Do Dhia le Buidheachas is Sòlas

Leughadh:
Eòin 21: 1-17

Thàinig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach sna 90an nuair a bha i 16. Dh'ionnsaich i Gàidhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thàinig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.

Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh còrr air 40 bliadhna, agus tha i ag ràdh gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha. Bha i fhèin agus an duine aice a' fuireach ann an Lunnainn fhad 's a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.

Fhuair i cead-searmonachaidh ann an 2017 agus bha i fhèin is Mìcheal stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far an robh i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet. Tha i fhèin san duine aice Mìcheal cuide ri màthair Siùsaidh a-nise air gluasad a dh'Alba.

11 days left to listen

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 11 May 2025 09:00
  • Sun 11 May 2025 15:00