Main content
                
    Litir do Luchd-ionnsachaidh 1369
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1369. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
            Sun 12 Oct 2025
            13:55
        
        ³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gàidheal
    More episodes
![]() - Corresponding Litir Bheag- An Litir Bheag 1065 
Clip
- 
                                            ![]()  Litir do Luchd-ionnsachaidh 1369Duration: 04:56 
Litir 1369: Uilleam Hare (2)
                Bha mi ag innse dhuibh mu Uilleam Hare a bha an sàs ann am murt is reic chorp ann an Dùn Èideann mu dhà cheud bliadhna air ais. Dè thachair dha? A rèir aithris, dh’inns e do na poilis gun robh e a’ dol a dhol dhachaigh a dh’Èirinn. Ach an deach?
Nochd aithrisean mòran bhliadhnaichean an dèidh sin gun robh Hare a’ fuireach ann an Lunnainn. Bha e na dhèirceach dall. Bhiodh e a’ coiseachd srà idean Lunnainn le cù na chois. Bha daoine a’ dèanamh dheth gur e Uilleam Hare a bh’ ann.
Ach cha b’ e. ʼS e fear a bh’ ann air an robh Ware mar ainm, seach Hare. Agus tha e clà raichte an dà chuid mar Uilleam Ware agus Tòmas Ware. Thuit e a-steach a shloc aoil bliadhnaichean roimhe agus dh’fhà g sin dall e. Fhuair Ware litrichean bho na h-ùghdarrasan ann an Dùn Èideann, a’ dearbhadh nach e Uilleam Hare a bh’ ann. Ach ma thogair – bha gu leòr ann an Lunnainn a’ creidsinn gur e agus cha robh iad a’ dol a dh’atharrachadh am beachd!
ha sgeul ann cuideachd gun do chaochail Hare ann an Canada. Nochd fear agus a bhean ann an sgìre ann an Ontairio. Thog iad taigh ann an innis anns a’ choille, pìos air falbh bho nà baidhean. ʼS e Hare a bh’ orra mar ainm-cinnidh. Agus bha iad ag rà dh gur e Pròstanaich a bh’ annta. Bha Uilleam Hare na Èireannach, agus na Chaitligeach.
Bha iad ann fad ùine, a’ fuireach gu socair, sà mhach nuair a thà inig Albannach a dh’fhuireach anns an sgìre. Thug e leis duilleachan anns an robh cunntas mu chùis-chùirte Bhurke. Agus, an cois a’ chunntais sin, bha dealbh de Hare a chaidh a tharraing le neach-ealain.Â
Bha feadhainn dhen bheachd gur e am murtair a bha a’ fuireach anns an nà bachd aca. Chùm iad air falbh bhuaithe. Rinn iad follaiseach dha gun robh grà in aca air.Â
Nuair a fhuair Hare a-mach dè bh’ air tachairt, leugh e an duilleachan. A rèir aithris, chaidh a shlà inte bhuaithe sa mhionaid. Cha do mhair e beò fada. Ach mus do chaochail e, chuir e fios a-mach gu sagart a dhol thuige. Tha e coltach nach e Pròstanach a bh’ ann. Agus thuirt muinntir na sgìre gun robh sin a’ dearbhadh gur e Uilleam Hare a bh’ ann, ann an dha-rìribh. Ach tha ceist ann mun sgeul seo – carson a ghleidheadh e ainm-cinnidh? Bha e air a bhith furasta gu leòr ainm ùr a thaghadh.
Bha sgeul ann cuideachd gun deach Hare a Bheal Feirste far an robh e an sàs ann am mèirle. Bha e air a chur an grèim agus an uair sin air a chur a-null a dh’Astrà ilia. Bha e ag obair mar chiontach air oighreachd faisg air Sydney. Bha daoine eòlach air fon fhrìth-ainm ‘Bonyparte’.
Nuair a bha e tinn, agus aig uchd-bà is anns an ospadal, dh’aithnich am fear anns an ath leabaidh e. ʼS ann à Dùn Èideann a bha am fear sin. Dh’aidich ‘Bonyparte’ gum b’ esan Uilleam Hare ach chaochail e tron oidhche.
Uill, sin agaibh trì cunntasan mu Uilleam Hare. Ach, a rèir beul-aithris à s a’ Ghà idhealtachd, thill e a dh’Alba agus bha e a’ fuireach fo ainm eile ann an taobh siar Rois. Bheir sinn sùil air sin anns an ath Litir.Â

Faclan na Litreach
                Faclan na Litreach: ùghdarrasan: authorities; Dùn Èideann: Edinburgh; ainm-cinnidh: surname; Pròstanaich: Protestants; Caitligeach: Catholics; duilleachan: pamphlet; ann an dha-rìribh: in reality; Beal Feirste: Belfast; ciontach: convict; frìth-ainm: nickname; uchd-bàis: the point of death.
            
        Abairtean na Litreach
                Abairtean na Litreach: an sàs ann am murt is reic chorp: involved in murder and sale of bodies; mu dhà cheud bliadhna air ais: about two hundred years ago; bha e na dhèirceach dall: he was a blind beggar; a’ coiseachd sràidean Lunnainn le cù na chois: walking the streets of London accompanied by a dog; bha daoine a’ dèanamh dheth gur e Uilleam Hare a bh’ ann: people reckoned he was William Hare; clàraichte an dà chuid mar Uilleam Ware agus Tòmas Ware: recorded as both William Ware and Thomas Ware; thuit e a-steach a shloc aoil bliadhnaichean roimhe: he fell into a lime pit years before; dh’fhàg sin dall e: that left him blind; innis anns a’ choille, pìos air falbh bho nàbaidhean: a clearing in the forest, a distance away from neighbours; fad ùine, a’ fuireach gu socair, sàmhach: for a [good duration of] time, living quietly and unobtrusively; an cois a’ chunntais sin: as part of that account; a chaidh a tharraing le neach-ealain: that was drawn by an artist; chùm iad air falbh bhuaithe: they kept away from him; rinn iad follaiseach dha gun robh gràin aca air: they made it obvious to him that they hated him; chaidh a shlàinte bhuaithe sa mhionaid: his health deteriorated immediately; chuir e fios a-mach gu sagart a dhol thuige: he sent for a priest; carson a ghleidheadh e ainm-cinnidh?: why would he keep his surname?; dh’aithnich am fear anns an ath leabaidh e: the man in the next bed recognised him; chaochail e tron oidhche: he died during the night; thill e a dh’Alba agus bha e a’ fuireach fo ainm eile: he returned to Scotland and was living under another name.
            
        Puing-chà nain na Litreach
                Puing-chànain na Litreach: gun robh e a’ dol a dhol dhachaigh: that he was going to go home. This type of phraseology using the verb to ‘go’ works as well in Gaelic as it does in English. Tha mi a’ dol a dhol a Lunnainn uaireigin ‘I’m going to go to London someday’; tha iad a’ dol a dh’fhalbh ‘they are going to leave’; a bheil thu a’ dol a sgrìobhadh thugam? ‘are you going to write to me?’
            
        Gnà thas-cainnt na Litreach
                Gnàthas-cainnt na Litreach: ma thogair: never mind, who cares?
            
        Broadcast
- Sun 12 Oct 2025 13:55³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
- 
                                        ![]()  Litir do Luchd-ionnsachaidhLitrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language. 