Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1342
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1342. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 6 Apr 2025
13:55
³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1038
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1342
Duration: 05:00
Litir 1342: Iain Beag MacAnndra (2)
Bha Iain Beag MacAnndra mar phà irt de bhuidheann ann an Coileachaidh ann an Srath Èireann a chuir stad air Abraich a bh’ air creach a thogail. Mharbh Iain ceannard nan Abrach le a bhogha. Dh’èigh uachdaran Choileachaidh, ‘Tapadh leat, Iain Bhig MhicAnndra à Dail na h-Aitnich, ’s e do là mh fhèin a rinn sin!’Â
Bha uachdaran Choileachaidh – Mac an Tòisich a bh’ ann – ag iarraidh gun dèanadh na h-Abraich dìoghaltas air Iain Beag, seach air muinntir Choileachaidh. Thuig Iain fhèin sin a rèir beul-aithris. Nuair a chuala e faclan an uachdarain, dh’èigh e, ‘Mìle mallachd air do theangaidh, a Mhic an Tòisich!’
Chuala gille, a bha na bheachdair do na creachadairean, a h-uile cà il agus thill e dhachaigh. Bha e air a bhith a’ coimhead a’ ghnothaich bho phìos air falbh. B’ esan an aon Abrach a fhuair dhachaigh beò.
Fhuair na h-Abraich a-mach cà ’ robh Dail na h-Aitnich. Chuir iad air dòigh sgioba de sheachdnar a rachadh ann airson Iain Beag a mharbhadh. Gu mì-fhortanach dhaibh, cha robh fios aig duine aca dè an coltas a bh’ air Iain.
Bha Iain deiseil air an son. Chuir e bogha agus stòras de shaighdean gu h-à rd ann an craobh-ghiuthais mhòr faisg air an taigh aige. Bha iad falaichte an sin.
Thà inig na h-Abraich. Chunnaic Iain iad agus chaidh e a choinneachadh riutha. ‘Cà it a bheil taigh Iain Bhig MhicAnndra?’ thuirt iad ris.
‘Seallaidh mi sin dhuibh,’ fhreagair Iain. Agus thug e don taigh aige fhèin iad. Bha a bhean a-staigh agus thuig i sa mhionaid gun robh na coigrich ann le droch rùn. Thug i sgleog air cluas Iain agus thuirt i ris, ‘Thalla is faigh do mhaighstir. Tha e sa mhonadh leis a’ chrodh. Agus bi sgiobalta!’
Dh’fhalbh Iain a-mach ach tuigidh sibh nach deach e chun a’ mhonaidh. Shreap e suas gu mullach na craoibhe-giuthais far an robh a bhogha is saighdean. Thug a bhean biadh is deoch do na h-Abraich. Cha tuirt duine aca carson a bha iad ag iarraidh bruidhinn ri Iain. Ach bha fios aice fhèin! Thug i sùil a-mach air an uinneig. ‘Tha an duine agam ann a-nise,’ thuirt i.Â
Cha do thuig na h-Abraich gun robh iad ann an cunnart sam bith. Dh’fhalbh iad a-mach, fear mu seach, agus loisg Iain Beag orra bhon à ite fhalaichte aige air a’ chraoibh.Â
A rèir beul-aithris, leig Iain le aon duine maireachdainn beò airson ’s gun rachadh e dhachaigh a dh’innse dè thachair. Agus chan eil cunntas sam bith ann gun do dh’fheuch duine sam bith eile ri Iain Beag a mharbhadh.
Ach mòran bhliadhnaichean an dèidh là imhe, chaidh seachd uaighean aithneachadh faisg air Dail na h-Aitnich – a’ ciallachadh gun deach an seachdnar gu lèir a mharbhadh. Airson a bhith cinnteach gur e uaighean a bh’ annta, chaidh a dhà dhiubh a chladhach agus chaidh claignean agus cnà mhan coise aig daoine a lorg annta.
Tha dreachan eile air an sgeul ach tha e a’ coimhead coltach gu bheil iad stèidhichte air fìor thachartasan agus air fìor dhuine. Chaidh carragh-chuimhne do dh’Iain a thogail air taobh thall na h-aibhne bho Dhail na h-Aitnich. Tha i ann fhathast.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Coileachaidh: Kyllachy; Srath Èireann: Strathdearn; dh’èigh: shouted; brathadh: betrayal; thuig: understood; Mac an Tòisich: Mackintosh; falaichte: hidden; uaighean: graves; carragh-chuimhne: memorial, monument.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Mharbh Iain ceannard nan Abrach le a bhogha: Iain killed the leader of the Lochaber men with his bow; ag iarraidh gun dèanadh na h-Abraich dìoghaltas air Iain Beag, seach air muinntir Choileachaidh: wanting the Lochaber people to wreak vengeance on Iain Beag, rather than on the people of Kyllachy; a bha na bheachdair do na creachadairean: who was a scout for the plunderers; bha e air a bhith a’ coimhead a’ ghnothaich bho phìos air falbh: he had been watching the matter from a distance; chuir iad air dòigh sgioba de sheachdnar a rachadh ann airson Iain Beag a mharbhadh: they set up a team of seven who would go there to kill Iain Beag; cha robh fios aig duine aca dè an coltas a bh’ air X: none of them knew what X looked like; chuir e bogha agus stòras de shaighdean gu h-à rd ann an craobh-ghiuthais: he put a bow and store of arrows high in a pine tree; chaidh e a choinneachadh riutha: he went to meet them; thuig i sa mhionaid gun robh na coigrich ann le droch rùn: she immediately understood that the strangers were there with evil intent; thug i sgleog air cluas Iain: she boxed Iain’s ear; bi sgiobalta: be quick [about it]; thug i sùil a-mach air an uinneig: she looked out of the window; leig X le aon duine maireachdainn beò: X allowed one man to remain alive; airson ’s gun rachadh e dhachaigh a dh’innse dè thachair: so that he would go home to tell what happened; chaidh claignean agus cnà mhan coise a lorg annta: skulls and leg bones were found in them; air taobh thall na h-aibhne: on the far side of the river.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Mìle mallachd air do theangaidh, a Mhic an Tòisich: a thousand curses on your tongue, Mackintosh! Remember that, regardless of ‘thousand’ requiring a plural noun in English, mìle in Gaelic takes the singular, as do ceud, fichead and dusan. Mìle marbhphaisg air! is a very strong imprecation, which we might translate idiomatically as ‘to the fires of hell with him!’ but actually means ‘a thousand death-shrouds on him!’ Note that marbhphaisg is in the singular; the plural would be marbhphaisgean ‘death shrouds’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: fear mu seach: one after the other.
Broadcast
- Sun 6 Apr 2025 13:55³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.