Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1343
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1343. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 13 Apr 2025
13:55
³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1039
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1343
Duration: 05:00
Litir 1343: Iain MacMhathain à Sìldeag (1)
An cuala sibh riamh mu Operation Tabarin? B’ e sin ainm-còd airson pròiseact dìomhair anns an Dà rna Cogadh. Chuir Breatainn sgioba don Antartaig. Cha robh iad armaichte. Bha iad ann airson agairt Bhreatainn air tìrean ann an ceann a deas a’ Chuain Siar a neartachadh – gu sònraichte Na h-Eileanan Fà clannach agus na h-eileanan beaga a bha ceangailte riutha, ann an sealladh Bhreatainn, co-dhiù.
Nise, chan eil mi cinnteach a bheil mi ga fhuaimneachadh dòigheil. Operation Tabarin no Operation Tabarin? T-A-B-A-R-I-N. Thà inig an t-ainm bho Bal Tabarin – club-oidhche ainmeil ann am Paris. Mar sin, tha mi a’ dol a chleachdadh an fhuaimneachaidh Fhrangaich.
Carson a tha mi ag innse dhuibh mu Operation Tabarin? Tha, a chionn ʼs gun robh Gà idheal mar phà irt dheth. B’ esan Iain MacMhathain. Bhuineadh e do Shìldeag ann an Ros an Iar. Dh’ionnsaich mi mu dheidhinn bhon leabhar ‘John Matheson: Antarctic Seafarer’ le Iain MacIllInein, a bhuineas do Shìldeag.
Ann an naoi ceud deug, ceathrad ʼs a trì (1943), chuir riaghaltas Bhreatainn plana air dòigh airson feadhainn a chur don Antartaig. Bha iad airson ionadan-rannsachaidh a chur air dòigh anns am biodh daoine a’ fuireach fad an t-siubhail. Bha dragh ann nach robh Argentina no Chile a’ gabhail ris gur ann le Breatainn a bha na tìrean Fà clannach.
A bharrachd air sin, bha cogadh a’ dol. Bha dragh air riaghaltas Bhreatainn gum biodh cuid de dhùthchannan a’ feuchainn ri pà irtean dhen Antartaig a ghabhail dhaibh fhèin an dèidh a’ chogaidh. Le bhith a’ cur sgioba do na h-à iteachan sin, bha Breatainn an dùil stad a chur air cà il dhen t-seòrsa.
Bha a h-uile rud mu Operation Tabarin dìomhair. Dh’fhà g iad Breatainn as t-Samhain naoi ceud deug, ceathrad ʼs a trì (1943). Chaidh iad an toiseach gu Port Stanley anns na h-Eileanan Fà clannach. Lean iad orra an uair sin gu Deception Island a th’ anns na h-Eileanan Sealtainneach a Deas.
Dh’fhà g iad còignear air an eilean sin. Bha iad gu bhith ann airson mìosan – gu dearbh, fad geamhradh a’ chinn a deas. Bha Iain MacMhathain – a bha aithnichte do luchd na Beurla mar ‘Jock Matheson’ – am measg na feadhna sin. B’ esan an aon duine dhen chòignear a bh’ air a bhith anns an Antartaig roimhe – agus innsidh mi dhuibh beagan mu dheidhinn eachdraidh mar mharaiche anns an ath Litir.
Bha Deception Island air leth math mar acarsaid. ʼS e caldara a th’ ann – seann bholcà no. Tha e ann an cumadh cearcaill. Aig aon cheann dheth, tha caolas beag ann a leigeas le soithichean-mara faighinn a-steach. Ach a-mhà in sin, tha an acarsaid air a cuairteachadh le talamh an eilein. ʼS e à ite air leth fà bharach a th’ ann do mharaichean. Ach tha aon duilgheadas ann – tha a’ bholcà no fhathast beò agus bidh i a’ spreadhadh bho à m gu à m!
Rinn an còignear an dachaigh ann an seann togalach a bha le sealgairean mhucan-mara. Lean cà ch orra gu ruige Port Lockroy air Wiencke Island. Tha sin air Leth-eilean na h-Antartaig. Innsidh mi dhuibh mar a chaidh dhaibh agus na thà inig à Operation Tabarin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: ainm-còd: code-name; Na h-Eileanan Fà clannach: The Falkland Islands; club-oidhche: nightclub; Iain MacMhathain: John (‘Jock’) Matheson; còignear: five people; caldara: caldera; caolas: narrow channel; Leth-eilean na h-Antartaig: The Antarctic Peninsula.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: pròiseact dìomhair anns an Dà rna Cogadh: a secret project during the Second [World] War; chuir Breatainn sgioba don Antartaig: Britain sent a team to Antarctica; airson agairt Bhreatainn air tìrean ann an ceann a deas a’ Chuain Siar a neartachadh: to strengthen Britain’s claim on lands in the South Atlantic; a bheil mi ga fhuaimneachadh dòigheil: am I pronouncing it correctly; a bhuineas do Shìldeag: who belongs to Shieldaig; là n fiosrachaidh a bha ùr dhòmhsa: full of information that was new to me; a’ gabhail ris gur ann le Breatainn a bha na tìrean Fà clannach: accepting that Britain possessed the Falkland Islands dependencies; bha Breatainn an dùil stad a chur air cà il dhen t-seòrsa: Britain wanted to stop anything of the like; bha iad gu sònraichte airson ʼs nach biodh an nà imhdean a’ togail cà il ann: they were particularly keen that their enemies would not build anything there; fad geamhradh a’ chinn a deas: through the southern winter; a bha aithnichte do luchd na Beurla mar: who was known to English-speakers as; am measg na feadhna sin: among those; mu dheidhinn eachdraidh mar mharaiche: about his history as a mariner; air leth math mar acarsaid: really good as an anchorage; ann an cumadh cearcaill: in the shape of a circle; ach a-mhà in sin, tha an acarsaid air a cuairteachadh le talamh an eilein: apart from that, the anchorage is surrounded by the island’s land-mass; bidh i a’ spreadhadh bho à m gu à m: it erupts from time to time; seann togalach a bha le sealgairean mhucan-mara: an old building that had been owned by whalers; lean cà ch orra gu ruige X: the others continued to X.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ann an sealladh Bhreatainn, co-dhiù: in the view of Britain, at least. You will probably be aware that countries are generally grammatically feminine so one might expect the genitive form of Breata(i)nn ‘Britain’ to be (na) Breatainn(e). However, where country names exist without the article, they generally take on a masculine guise in the genitive form by being lenited. Thus we have Riaghaltas Bhreatainn ‘the British Government’; muinntir Shasainn ‘the people of England’; muinntir Shìona(idh) ‘the people of China’. Note, however, that Brittany is A’ Bhreatainn Bheag, which includes the article; thus it retains its feminine guise in the genitive case, as in muinntir na Breatainne Bige ‘the people of Brittany’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: anns am biodh daoine a’ fuireach fad an t-siubhail: in which people would live permanently/all the time.
Broadcast
- Sun 13 Apr 2025 13:55³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.