Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1360
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1360. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 10 Aug 2025
13:55
³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1056
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1360
Duration: 05:00
Litir 1360: Manaidhean ann an Cunntasan Mhgr Ailein
Bha mi ag innse dhuibh mu bheul-aithris air gnothaichean os-nà darrach a chruinnich Sagart Èirisgeigh, Mgr Ailein. Bha cuid de na sgeulachdan is naidheachdan aige co-cheangailte ris an dà -shealladh no manaidhean. Seo agaibh cunntas a bha co-cheangailte ri coileach à Cille Pheadair ann an Uibhist a Deas.
Bha fear Iain Moireasdan – no Iain MacIlleMhoire – a’ seinn na pìoba anns an taigh aige air feasgar geamhraidh. Bha cur is cathadh ann a-muigh. Gu h-obann, thà inig an coileach a-nuas bhon spiris aige. Leum e suas is sìos, agus e a’ clapartaich ris a’ phìobaire.
Dh’iarr a bhean air Iain sgur a sheinn. Bha i dhen bheachd gur e manadh a bh’ ann an giùlan a’ choilich.
Thòisich an fheadhainn a bha a-staigh air beachdachadh air na bh’ air tachairt no a dh’fhaodadh tachairt fhathast. Bhathar a’ gabhail dragh gun robh an sagart air a dhol seachad air an taigh, ach nach robh e air tilleadh.
Gun rabhadh, bha gnogadh air an doras. Chualas guth an t-sagairt. Chaidh Iain don doras. Thug an sagart an dà rna taobh e oir bha droch naidheachd aige dha. Bha brà thair Iain – Calum – air bà s fhaighinn anns an stoirm.Â
Bha an sneachd cho domhainn, agus na cathaidhean cho farsaing, ’s nach do thuig Calum gun robh e air a dhol far an rathaid. Gun fhiosta, bha e a’ coiseachd air Loch nam Faoileann a bha reòite. Thuit e tron deigh. Cha do mhair e beò fada.
Math dh’fhaodte gun do ghabh an sagart iongnadh nach robh Iain troimhe-chèile mun naidheachd. Ach, leis mar a thachair leis a’ choileach goirid roimhe, bha beachd aig Iain, nuair a chuala e an gnogadh air an doras agus guth an t-sagairt, gun cluinneadh e droch naidheachd.
Cuiridh mi crìoch air na sgeulachdan seo le cunntas eile aig Mgr Ailein. ’S ann mu dheidhinn coinneal a bha e, agus manadh co-cheangailte rithe. Tha an cunntas a leugh mi ann am Beurla. ’S e an tiotal a th’ air ‘A Corpse Candle’.Ìý
Bha fear òg – Mac Iain ’ic Fhearchair – a’ fuireach ri taobh Loch Aineort ann an Uibhist a Deas. Bha an taigh aige ann an à ite ris an canar Rubha nan Clach. Bha tè òg air an robh Oighrig a’ fuireach anns an aon bhaile. Feumaidh gun d’ fhuair Mgr Ailein an sgeul bho Oighrig fhèin. Thachair e nuair a bha i timcheall air trì bliadhn’ deug a dh’aois.
Latha a bha seo, dh’fhà g Mac Iain ’ic Fhearchair taigh Oighrig agus chaidh e a dh’iasgach bhreac. Air an oidhche sin, bha Oighrig agus a mà thair a-staigh, a’ cà rdadh clòimhe. Chunnaic a mà thair solas coinnle a’ dol seachad oirre.
Bha ise dhen bheachd gun robh an solas na chomharra gun robh brà thair Oighrig, a bha tinn, ann an cunnart bà sachadh. Dh’èigh i air ach fhreagair e gun robh e ceart gu leòr.
An ath latha, ge-tà , thà inig brà thair a’ ghille a bh’ air a dhol a dh’iasgach gu taigh Oighrig. Thuirt e gun robh a bhrà thair air a lorg marbh ri taobh an uillt far an robh e ag iasgach.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Sagart Èirisgeigh, Mgr Ailein: the Priest of Eriskay, Father Allan; an dà -shealladh: the second sight; manaidhean: omens; feasgar geamhraidh: a winter evening; gnogadh: knocking; a’ cà rdadh clòimhe: carding wool.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: thà inig an coileach a-nuas bhon spiris aige: the cockerel came down from its roost; a’ clapartaich ris a’ phìobaire: flapping its wings at the piper; dh’iarr a bhean air Iain sgur a sheinn: his wife asked John to stop playing; gur e manadh a bh’ ann an giùlan a’ choilich: that the cockerel’s behaviour was an omen; chualas guth an t-sagairt: the priest’s voice was heard; thug an sagart an dà rna taobh e: the priest took him aside; bha droch naidheachd aige dha: he had bad news for him; nach do thuig Calum gun robh e air a dhol far an rathaid: that Malcolm didn’t understand that he had gone [wandered] off the road; bha e a’ coiseachd air X a bha reòite: he was walking on X which was frozen; thuit e tron deigh: he fell through the ice; gun do ghabh an sagart iongnadh nach robh Iain troimhe-chèile: that the priest was surprised that John wasn’t really upset; feumaidh gun d’ fhuair Mgr Ailein an sgeul bho Oighrig fhèin: Father Allan must have obtained the story from Oighrig herself; chaidh e a dh’iasgach bhreac: he went fishing for trout; chunnaic a mà thair solas coinnle a’ dol seachad oirre: her mother saw the light of a candle going past her; gun robh an solas na chomharra: that the light was a sign; gun robh a bhrà thair air a lorg marbh ri taobh an uillt: that his brother was found dead beside the burn.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bha fear Iain Moireasdan – no Iain MacIlleMhoire – a’ seinn na pìoba: John Morrison was playing the bagpipes. The original for Mor(r)ison was MacIlleMhoire, but the anglicised or Scots form then became a re-Gaelicised form – Moireasdan (with an intrusive ‘d’ coming from Scots speakers as in Findlay and Findlater). If you know somebody with the surname Morrison (it’s common in parts of the Western Isles), ask them what they prefer as the Gaelic form of their name.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha cur is cathadh ann a-muigh: it was blizzarding outside. Literally it means ‘it was snowing and drifting’.
Broadcast
- Sun 10 Aug 2025 13:55³ÉÈË¿ìÊÖ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.